Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh na Frainge

Thuirt ceann-suidhe ùr na Frainge, Emmanuel Macron, gu bheil caibideil eile a' tòiseachadh ann an eachdraidh na dùthcha. Aig 39 's e an ceann-suidhe as òige a-riamh san Fhraing an dèidh dha a' chùis a dhèanamh air Marine Le Pen.

Chuir ceannardan eadar-nàiseanta meal a naidheachd air Mgr Macron. Thuirt Sràid Downing gun do bhruidhinn Theresa May ris an-raoir agus gun do bhruidhinn iad airson ùine ghoirid air Brexit. Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gur e rud math dhan Aonadh Eòrpach a th' ann an taghadh Mhgr Macron.

Iomairt an Taghaidh

Tha ceannard nan Libearalach Deamocratach, Tim Farron, ann an Alba an-diugh air iomairt an taghaidh. Tha dùil gun iarr e deireadh air sgaradh mu neo-eisimeileachd. Bidh na Làbaraich agus na Tòraidhean ann an Alba a' cur an iomairt air bhonn le iarraidh air luchd-bhòtaidh cùl a chur ris an SNP. Agus bheir Nicola Sturgeon slaic air poileasaidh an Riaghaltais Tòraidh air Brexit agus i ag ràdh gu bheil iad a' cur chosnaidhean Albannach ann an cunnart.

Tubaist

Tha dùil ri aithne fhoirmeil an-diugh air cuirp dithis fhireannach a bha air chall ann am bàta beag ann ann an Sruth na Maoile. Thuirt Poileas Alba gun do dh'fhalbh an dithis ann an speedboat madainn Disathairne à Port Logan ann an ceann a deas Chinn Tìre.

Comhairle na Gàidhealtachd

Leanaidh còmhraidhean an-diugh mu bhuidhinn riaghalaidh ùr do Chomhairle na Gàidhealtachd an dèidh taghaidhean ionadail na seachdain seo chaidh. Tha dùil gun tèid Mairead NicDhàibhidh a thaghadh a-rithist mar cheannard nan neo-eisimeileach agus Maxine Nic a' Ghobhain mar cheannard air buidhinn an SNP.

Uisge Uibhist

Tha dragh ann an Uibhist a Tuath gm faodadh Uisge na h-Alba a' tarraing air ais bho chuid de na gheall iad ann an leasachadh air siostam an uisge sa sgìre. Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil an obair a' dol air adhart agus gu bheil iad an dùil fiosrachadh a thoirt seachad gu poblach air an ath-mhìos mun sgeama ann an Loch nam Madadh.