Còmhraidhean a' dol aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 8 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha còmhraidhean a' leantainn feuch aonta a ruighinn mu bhuidhinn-riaghlaidh ùr Chomhairle na Gàidhealtachd.

'S iad na neo-eisimeilich a' bhuidheann as motha às dèidh an taghaidh Diardaoin.

Fhuair iadsan 28 ball (-5), an SNP 22 (+3), na Lib Deamaich 10 (-4), na Tòraidhean 10 (+10), na Làbaraich 3 (-5) agus na h-Uainich 1 (+1).

Tha dùil gun tèid Mairead NicDhàibhidh a thaghadh às ùr mar cheannard nan neo-eisimeileach.

Tha dùil cuideachd gum bi Maxine Nic a' Ghobhainn a-rithist os cionn sgioba an SNP.

'S iad na neo-eisimeilich a bha os cionn na Comhairle san dà bhliadhna mu dheireadh.

Ron sin b' e co-bhanntachd eadar an SNP, na Lib Deamaich is na Làbaraich a bha a' riaghladh.

Thàinig a' cho-bhanntachd gu ceann nuair a thuirt na Lib Deamaich nach b'urrainn dhaibh obrachadh còmhla ris an SNP tuilleadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile