Caoraich air an goid san Eilean Sgitheanach

  • 8 An Cèitean 2017
Caora

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh còrr air 30 beathach caorach a ghoid anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh falbh leotha ann an Tròndairnis.

Tha dùil gun deach na caoraich dhubh-cheannach a ghoid thairis air na sia seachdainnean mu dheireadh.

Bha iad a-muigh air a' mhonadh is bha comharraidhean dubha air an guailnean.

Tha na poilis ag iarraidh air croitearan anns an sgìre sùil a chumail air an talamh aca, is fios a chur orra ma tha iad amharasach mu charbadan.

Chaidh iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis fònadh gu 101 agus an àireamh NP3646/17 a chleachdadh .

Mura h-eil daoine airson an ainmean a thoirt seachad, faodaidh iad fònadh gu Crimestoppers air 0800 555111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile