Na Taghaidhean Ionadail

  • 6 An Cèitean 2017
Nicola Sturgeon Image copyright Getty Images
Image caption Bha Nicola Sturgeon an làthair ann an Glaschu far an robh an SNP a' dèanamh gàirdeachais, 's iad a-niste am pàrtaidh as motha air comhairle a' bhaile.

'S iad an SNP a-niste am pàrtaidh as motha ann an ùghdarrasan ionadail na h-Alba, a dh'aoindeoin adhartais a rinn na Tòraidhean.

Fhuair na Tòraidhean còrr is 160 comhairliche ùr, 's iad a' buannachadh fiù 's ann an sgìrean a bh' air am faicinn gu mòr nan aghaidh roimhe.

Fhuair na Tòraidhean suidheachain ann an àiteachan mar Taobh Sear Ghlaschu agus Ferguslie Park ann an Siorrachd Rinn Friù.

Air a' Ghàidhealtachd, chaidh iad bho neoini gu deichnear bhall, agus fhuair iad comhairliche anns na h-Eileanan Siar airson a' chiad turas a-riamh.

Ghabh an SNP àite nan Làbarach mar am pàrtaidh as motha air Comhairle Baile Ghlaschu, ged nach d' fhuair iad mòr-chuid.

Tha Glaschu air a bhith fo smachd Làbarach o chionn deugachadh bhliadhnaichean.

Feuchaidh an SNP a-niste ri co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh, no riaghladh le beag-chuid sa bhaile, 's iad air 39 suidheachan a bhuannachadh - ceithir gann air mòr-chuid - fhad 's a thuit na Làbaraich gu 31 comhairliche.

Image copyright PA
Image caption Chuir ceannard nan Tòraidhean, Ruth NicDhàibhidh, mar a tha am pàrtaidh an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd do dh'Alba, aig cridhe na h-iomairt aca.

'S iad an SNP a-niste am pàrtaidh as motha ann an Obar Dheathain cuideachd, agus ann an Dùn Èideann, far an do thuit na Làbaraich dhan treas àite às dèidh nan Tòraidhean.

Na h-Eileanan Siar

Tha dùil gur e Raghnall Friseal, a fhuair a-steach ann an Sgìre Ùig' agus Ceann a Tuath nan Loch, a' chiad chomhairliche Tòraidheach a bhios a' riochdachadh sgìre anns na h-Eileanan Siar.

Thuirt am fear-naidheachd Bill Lucas, a th' air a bhith ag obair anns na h-eileanan bliadhnaichean mòra, nach eil cuimhne aige air comhairliche Tòraidheach anns an sgìre, agus nach robh gin air seann Chomhairle Bhaile Steòrnabhaigh.

Chaidh an neo-eisimeileach Tomod Dòmhnallach, a bha na Fhear-Gairm air an ùghdarras, a thaghadh uair eile airson Sgìre Ùig' agus Ceann a Tuath nan Loch.

Chaidh 23 neo-eisimeileach (+1), seachdnar Nàiseantach (+1) agus aon Tòraidheach (+1) a thaghadh anns na h-Eileanan Siar.

'S e fireannaich a th' annta uile - cha d' fhuair aon bhoireannach a-steach anns na h-eileanan.

Cuideachd, chan eil aon bhall Làbarach anns an sgìre.

Comhairle na Gàidhealtachd

Rinn na Tòraidhean adhartas mòr air a' Ghàidhealtachd, is iad a' faighinn deichnear bhall (+10).

Tha 22 bliadhna bhon a bha comhairliche Tòraidheach air a' Ghàidhealtachd.

Fhuair na neo-eisimeilich 28 ball (-5), an SNP 22 (+3), na Lib-Deamaich 10 (-4), na Làbaraich 3 (-5) agus na h-Uainich 1 (+1).

Chaidh an neo-eisimeileach, Mairead Davidson, a bha na ceannard air Comhairle na Gàidhealtachd ron taghadh, a thaghadh a-rithist.

Fhuair Maxine Nic a' Ghobhainn, a bha os cionn buidhne an SNP, a-steach a-rithist cuideachd.

Shoirbhich le Alasdair Christie, a bha na cheannard air buidhinn nan Lib-Deamach cuideachd, agus Jimmy Gray, a bha os cionn buidhne nan Làbarach.

Earra-Ghàidheal

Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, fhuair 11 bhon SNP (-2) a-steach, 10 neo-eisimeilich (-5), 9 Thòraidhean (+5) agus 6 Lib-Deamaich (+2).

Cuideachd, chaidh seann Bhall-Pàrlamaid Lib-Deamach na sgìre, Ailean Reid, agus Jamie MacGriogair, a bha na Bhall-Pàrlamaid Albannach Tòraidheach, a thaghadh.