Croitear ga mharbhadh le tarbh

  • 5 An Cèitean 2017

Thathas a' tuigsinn gu bheil croitear air bàsachadh an dèidh tachartais le tarbh ann an Dùthaich MhicAoidh.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu croit Alasdair MhicIllEathain, a bha 76, ann am Borghaidh feasgar Diluain.

Thuirt na Poilis nach robh coltas amharasach sam bith air a' chùis.

Tha Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd a' còmhradh ri oifigearan poilis a tha a' rannsachadh bàs Mhgr MhicIllEathain.

"Faodaidh na Poilis dearbhadh gun do fhreagair oifigearan gairm às dèidh bàs obann fireannaich, 76, air tuathanas ann an sgìre Bhorghaidh-Sgeiridh mu 5:00f Diluain," thuirt labhraiche nam Poileas.

"Tha na Poilis a' còmhradh ri Buidhinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd, ach chan eil dùil gu bheil càil amharasach mu dheidhinn a' bhàis.

"Chaidh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin, mar as àbhaist, agus chaidh fios a chur air teaghlach an duine."