Whisky Galore! ùr sna taighean-dealbh

  • 5 An Cèitean 2017
Whisky Galore! Image copyright Graeme Hunter Pictures

Nochdaidh fiolm ùr Whisky Galore! ann an taighean-dealbh na h-Alba Dihaoine.

Ged a tha am fiolm stèidhichte air Èirisgeigh, chaidh am fiolm ùr a chlàradh air feadh na dùthcha.

Tha am fiolm ùr stèidhichte air an nobhail aig Sir Compton MacCoinnich, a chaidh fhoillseachadh ann an 1947, is mar a ghabh daoine brath air a' chothrom a bh' ann nuair a chaidh bàta làn uisge beatha fodha far Èirisgeigh san Dàrna Cogadh.

Nochd a' chiad fhiolm ann an dubh is geal dà bhliadha às dèidh an nobhail.

Tha VisitScotland an dòchas gun toir e togail dha turasachd air feadh Alba.

Chruthaich iad mapa de na diofar àiteachan far an deach am fiolm a chlàradh, Siorrachd Obar Dheathain, na Crìochan is Fìobha nam measg.

Thathas an dòchas gum bi buannachdan ann dha Èirisgeigh fhèin cuideachd.