"Dìorras a dhìth" aig ICT

  • 5 An Cèitean 2017
Richie Foran Image copyright SNS

Nan cailleadh Caley Thistle Inbhir Nis aig an taigh ri Hamaltan Diathairne, agus nam buannaicheadh an dà chuid Dùn Dè agus Tobar na Màthair, dheadh sgioba Inbhir Nis sìos còmhnard dhan Championship.

Tha ICT seachd puingean air dheireadh aig bonn na Prìomh Lìge le ceithir geamannan ri dhol, ach thuirt manaidsear na sgioba, Richie Foran, nach bi an aire air a bhith a' dol sìos Disathairne.

Bha e ag ràdh: "Bidh ar làn-aire air a' gheama a bhuannachadh - chan eil sinn a' bruidhinn air càil eile.

"Feuchaidh sinn ris a' chùis a dhèanamh air Hamaltan.

"Tha mi a' coimhead airson miann a bharrachd agus barrachd pròis.

"Taghaidh mi sgioba làidir, ach feumaidh na cluicheadairean barrachd dìorrais agus neart inntinn a shealltainn na chunnaic sinn chun an seo."

Bha e ag ràdh: "Tha dusan puing air fhàgail - feumaidh na cluicheadairean a bhith duineil agus an gnothach a dhèanamh air a' phàirc."