Na Taghaidhean Ionadail

  • 5 An Cèitean 2017
Cunntadh

Tha bhòtaichean fhathast gan cunntadh ann an taghaidhean ionadail na h-Alba.

Tha na Tòraidhean air adhartas a dhèanamh ann am mòran sgìrean, is iad a' faighinn suidheachain ann an àiteachan mar Taobh Sear Ghlaschu agus Ferguslie Park ann an Siorrachd Rinn Friù.

Air a' Ghàidhealtachd, chaidh iad bho neoini gu deichnear bhall, agus fhuair iad comhairliche anns na h-Eileanan Siar airson a' chiad turas a-riamh.

Tha an SNP air a bhith soirbheachail cuideachd - 's iad am pàrtaidh as motha ann an Obar Dheathain agus tha dùil gun tachair an dearbh rud ann an Dùn Èideann, far a bheil dùil gun tuit na Làbaraich dhan treas àite às dèidh nan Tòraidhean.

Tha am Pàrtaidh Làbarach air smachd a chall air Glaschu, ach chan eil fhios am faigh an SNP mòr-chuid airson buidheann riaghlaidh a stèidheachadh.

Na h-Eileanan Siar

Tha dùil gur e Raghnall Friseal, a fhuair a-steach ann an Sgìre Ùig agus Ceann a Tuath nan Loch, a' chiad chomhairliche Tòraidheach a bhios a' riochdachadh sgìre anns na h-eileanan.

Thuirt am fear-naidheachd Bill Lucas, a th' air a bhith ag obair anns na h-eileanan bliadhnaichean mòra nach eil cuimhne aige air comhairliche Tòraidheach anns an sgìre, agus nach robh gin air seann Chomhairle Bhaile Steòrnabhaigh.

Chaidh an neo-eisimeileach Tomod Dòmhnallach, a bha na fhear-gairm air an ùghdarras, a thaghadh uair eile airson Sgìre Ùig agus Ceann a Tuath nan Loch.

Chaidh 23 neo-eisimeileach (+1), seachdnar Nàiseantach (+1) agus aon Tòraidh (+1) a thaghadh anns na h-Eileanan Siar.

'S e fireannaich a th' annta uile - cha d' fhuair aon bhoireannach a-steach anns na h-eileanan.

Cuideachd, chan eil aon bhall Làbarach anns an sgìre.

Comhairle na Gàidhealtachd

Rinn na Tòraidhean adhartas mòr air a' Ghàidhealtachd, is iad a' faighinn deichnear bhall (+10).

Tha 22 bliadhna bhon a bha comhairliche Tòraidheach air a' Ghàidhealtachd.

Fhuair na neo-eisimeilich 28 ball (-5), an SNP 22 (+3), na Lib Deamaich 10 (-4), na Làbaraich 3 (-5) agus na h-Uainich 1 (+1).

Chaidh an neo-eisimeileach, Mairead Davidson, a bha na ceannard air Comhairle na Gàidhealtachd ron taghadh, a thaghadh a-rithist.

Fhuair Maxine Nic a' Ghobhainn, a bha os cionn bhuidheann an SNP, a-steach a-rithist cuideachd.

Shoirbhich le Alasdair Christie, a bha na cheannard air buidhinn nan Lib Deamach cuideachd, agus Jimmy Gray, a bha os cionn buidhne nan Làbarach.

Earra-Ghàidheal

Ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd, fhuair 11 bhon SNP (-2) a-steach, 10 neo-eisimeilich (-5), 9 Thòraidhean (+5) agus 6 Lib Deamaich (+2).

Cuideachd, chaidh seann Bhall Pàrlamaid Lib Deamach na sgìre, Ailean Reid, agus Jamie MacGriogair, a bha na Bhall Pàrlamaid Albannach Tòraidheach, a thaghadh.

Thèid 1,227 comhairlichean a thaghadh an-diugh anns an 32 sgìre chomhairle ann an Alba.

An turas mu dheireadh, ann an 2012, b' iad an SNP a fhuair an àireamh bu motha de bhòtaichean agus de chomhairlichean, ach is iad na Làbaraich a tha a' dìon na h-àireimh as motha de chomhairlean.

Cha bhi fios againn cò bhios a' riaghladh ann am mòran sgìrean gus am bi cothrom aig na comhairlichean ùra còmhraidhean a chumail.