Moladh air Diùc Dhùn Èideann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Diùc Dhùn Èideann a' cur cùl ri a dhleastanasan poblach

4 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Lùchairt Bhuckingham air dearbhadh gu bheil Diùc Dhùn Èideann a' dol a leigeil seachad a dhleastanasan poblach.

Thuirt an lùchairt gun coilean am Prionnsa Philip, a tha 95, dleastanasan a tha roimhe chun an Lùnastail, ach nach gabh e ri feadhainn ùra as deidh sin.

Leanaidh a' Bhanrìgh oirre le na dleastanasan poblach aice-se.

Fhuair Eilidh NicLeòid facal feasgar air riochdaire na Banrìgh sna h-Eileanan, Morair Ionaid a' Chrùin, Dòmhnall Màrtainn.