Còig taighean-òsta air an reic

  • 4 An Cèitean 2017
Taigh-òsta Newton, Inbhir Narann
Image caption Bhiodh an rionnag fhiolm Charlie Chaplin tric ann an Taigh-òsta Newton ann an Inbhir Narann.

Tha buidheann thaighean-òsta eadar-nàiseanta air còig taighean-òsta a cheannach, ann an dà aonta luach nam milleanan Notaichean.

Cheannaich MGM Muthu Hotels ceithir taighean-òsta ann an Taigh an Droma, anns an Òban agus an Dail Mhàilidh bho Highland Heritage Earranta.

Bhathas ag iarraidh còrr air £4.5m air an son.

Inbhir Narann

Ann an aonta eile, cheannaich iad Taigh-òsta Newton ann an Inbhir Narann anns a bheil 63 seòmar-leapa.

Bhathas ag iarraidh £4m le VAT airson Taigh-òsta Newton, far am biodh an rionnag fhiolm Charlie Chaplin a' fuireach tric.

Earra-Ghàidheal

Le aonta Highland Heritage, cheannaich iad an Taigh-òsta Rìoghail agus Taigh-òsta Bheinn Dòbhrainn ann an Taigh an Droma, taigh-òsta Dhail Mhàilidh ann an Srath Urchaidh agus Taigh-òsta Alexandra anns an Òban.

Fhuair iad 16 busaichean mar phàirt den aonta.

Tha faisg air 30 taigh-òsta aig MGM Muthu Hotels anns an Spàinn, Portagail, an Fhraing, Ciùba, na h-Eileanan Canèiridh, Madeira agus am Breatainn.