Falaisgear fhathast an iar-thuath na Gàidhealtachd

  • 4 An Cèitean 2017
Falaisgear Image copyright Robert Melvin
Image caption Chaidh fios a chur mun fhalaisgear eadar Loch an Inbhir agus Sulabheinn Oidhche Chiadian.

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèilieadh ri falaisgear an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Chaidh Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba a ghairm chun an teine eadar Loch an Inbhir agus Sulabheinn Oidhche Chiadain, ach ged a bha sia einnseanan-smàlaidh an làthair aig aon àm, sa mhadainn Dihaoine, cha robh ach a dhà fhathast a dhìth.

Tha na Poilis air iarraidh air daoine an rathad eadar Loch an Inbhir agus Inbhir Chirceig a sheachnadh.