Dàibhear ga lorg

  • 4 An Cèitean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bàta-teasairginn Inbhir Theòrsa a' togail Mgr Doychev

Chaidh dàibhear a chaidh a dhìth far chosta Arcaibh a lorg slàn sàbhailte tron oidhche, às dèidh còrr air deich uairean a thìde sa mhuir.

Bha bàtaichean-teasairginn, heileacoptairean nam maor-chladaich agus luchd-teasairginn air tìr an sàs san oidhirp gus lorg fhaighinn air Ivan Doychev.

Chaidh fios a chur gun robh e a dhìth aig 17:30 Diciadain nuair nach do thill e gu bàta-dàibhidh anns a' Chaol Arcach.

Chaidh a lorg mu 03:15 le bàta-siùil trèanaidh dà mhìle an ear air Ceann Dhunngain, agus chaidh a thoirt gu tìr le bàta-teasargainn Inbhir Theòrsa.