Rannsachadh truaillidh air Loch Èite

  • 4 An Cèitean 2017
Breac Bogha-froise Image copyright Getty Images

Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA, a' rannsachadh tuathanais bhreac an Earra-Ghàidheal, agus cus stuthan ceimigeach gan cleachdadh ann.

Thuirt SEPA gun robh a' chompanaidh leis a bheil an tuathanas, Dawnfresh, air cus Azamethiphos a chleachdadh air fear de na làraichean aca an Loch Èite.

Cleachdar Azamethiphos, a tha na phuinnseann organophosphorach, gus smachd a chumail air mialan mara agus eile.

Dhearbh Dawnfresh gun deach "àireamh ghlè bheag de mhearachdan" a dhèanamh.

'S e Dawnfresh tè de na companaidhean as motha a tha ag àrach bhreac san RA, agus thuirt iad gu bheil iad ag obair còmhla ri SEPA gus dèanamh cinnteach gum bi "buaidh cho beag 's a ghabhas aig an tuathanas air an àrainneachd o seo a-mach".

'S iad a' bhuidheann charthannas Càirdean Loch Èite, a thug am briseadh righailtean gu aire SEPA.

Thàinig mu 3,000 tunna de bhric bhogha-froise à tuathanasan Dawnfresh ann an Loch Èite an-uiridh.

Thuirt labhraiche bho SEPA: "Tha SEPA ann an conaltradh le Dawnfresh a thaobh uairean a chaidh azamethiphos a chleachdadh dà thuras ann an nas lugha na 24 uairean de thìde aig Làrach 6 Èite.

"Chan eil sin a' tighinn a rèir riaghailtean a' chead a th' aca.

Image copyright University of St Andrews
Image caption Lagaichidh mialan-mara slàinte agus fàs an èisg.

"Nì sinn tuilleadh rannsachaidh a thaobh seo leis a' chompanaidh."

Cleachdaidh tuathanasan èisg an Alba farsainneachd de dhòighean, stuthan ceimigeach nam measg, gus smachd fhaighinn air mialan-mara, a lagaicheas slàinte agus fàs an èisg.

Thuirt stiùiriche tuathanachais Dawnfresh, Stiùbhart Hawthorn, gum faca a' chompanaidh an-uiridh "àireamh cho ìosal 's a bh' ann o chionn ùine" de mhialan-mara ann an Loch Èite, an dèidh dhaibh "dòighean nas gnìomhaile" a chur an sàs nan aghaidh.

"Gu mì-fhortannach," thuirt e, "bha sia tursan air aon de na làraichean againn nach do choilean sinn ar n-inbhean - as àbhaist a bhith gu math àrd - a thaobh cleachdadh stuthan ceimigeach.

"Tha seo gu sònraichte tàireil dhuinne, seach gun tuirt SEPA, mura b' e an àireamh ghlè bheag seo de mhearachdan, gun robh an làrach air comharra "sàr-mhath" fhaighinn a thaobh coileanadh riaghailtean àrainneachail.

"Tha sinn ag obair còmhla ri SEPA, agus an sgioba againn fhèin, a dhèanamh cinnteach gum bi buaidh cho beag 's a ghabhas aig an tuathanas air an àrainneachd o seo a-mach.

"San fharsainneachd tha sinn gu math moiteil à mar a tha sinn air tighinn a rèir nan riaghailtean àrainneachail.

"Fhuair na trì làraichean eile againn air Loch Èite comharraidhean "sàr-mhath" (dà làraich) agus "math" (aon làrach).

"Cha chleachd sinn dà làraich eile a-rithist, seach nach eil sinn den bheachd gun gabh sin dèanamh taobh a-staigh nan riaghailtean às teanna a thaobh dìon na h-àrainneachd.

"A' dol air adhart a-steach gu 2017 tha sinn fhathast gu deimhinnte airson smachd a chumail air mialan-mara gu h-èifeachdach, agus tha sinn mar thà a' cur dhòighean ùra air sin a dhèanamh an sàs, a lùghdaicheas am feum a tha sinn a' dèanamh de stuthan ceimigeach."