Suidheachadh Gàidhlig Stafainn fon phrosbaig

  • 4 An Cèitean 2017
Stafainn

Bidh suidheachadh na Gàidhlig ann an Stafainn, san Eilean Sgitheanach, fon phrosbaig an ath-sheachdain.

Tha a' bhuidheann-rannsachaidh 'Soillse' a' cumail sreath choinneamhan poblach an-dràsta air an dòigh sa bheil coimhearsnachdan a' faicinn na Gàidhlig sna sgìrean aca fhèin.

Bidh iad a' tadhal air Stafainn, a bhuannaich duais ''Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna 2010'.

"Cha mhòr nach eil sinn crìochnaichte leis na dh'fheumas sinn a dhèanamh airson fiosrachadh a thogail bho na coimhearsnachdan a tha sinn air a bhith a' tadhal air," thuirt Iain Caimbeul, bho Shoillse.

Misneachd

"Tha sinn a-niste a' tighinn gu Stafainn an t-seachdain seo tighinn, agus an t-seachdain às dèidh sin bidh sinn ann an Tiriodh.

"Cuiridh sin crìoch air a' phàirt seo den rannsachadh co-dhiù. Feumaidh sinn an uair sin suidhe sìos agus gnothaichean a chur ri chèile 's na pàipearan a sgrìobhadh às dèidh sin.

"'S e sgìre (a th' ann an Stafainn) a th' ann fhathast a tha gu math làidir a thaobh na Gàidhlig a thaobh daoine a tha comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn agus cuideachd Gàidhlig air a cleachdadh anns a' choimhearsnachd.

"Ghlèidh an sgìre Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna. Tha cuideachd iomairtean sònraichte anns an sgìre seo.

"Agus tha iomairtean beaga eile ann a tha ceangailte ris an àrainneachd, 's dualchas, agus cleachdadh na Gàidhlig air a ruith fo stiùir Ruairidh MhicIllEathain.

"'S e sgìre a th' ann a tha na togail-inntinn do mhòran.

"Bhiodh e math cuideachd coimeas a dhèanamh eadar na sgìre seo agus na h-Eileanan a-Muigh, agus dh'fhaodte Tiriodh cuideachd airson feuch dè am beachd a th' aig na daoine fhèin? Dè dha-rìribh cho làidir 's a tha a' Ghàidhlig air a cleachdadh anns an sgìre.

"Tha daoine anns na sgìrean a tha sinn air a bhith a' bruidhinn ris co-dhiù, tha iad gu math misneachail, ach aig an aon àm tha sinn a' faicinn gu bheil crìonadh a' tighinn, gu h-àraidh an lùib na h-òigridh, agus chan eil iongnadh ann mu dheidhinn sin ann an iomadach dòigh, a dh'aindeoin cho math 's a tha cuid de na sgoiltean Gàidhlig a' dèanamh ann an àiteachan eile.

Poileasaidhean

"Ach tha crìonadh an lùib na h-òigridh, agus tha crìonadh an lùib na h-òigridh anns an fharsainneachd a tha a' fuireach anns na h-Eileanan cuideachd, 's bha sin a' toirt buaidh air suidheachadh àrainneachd na Gàidhlig anns na h-Eileanan a-Muigh co-dhiù.

"Tha misneachd an lùib nan daoine, ach tha iad ag iarraidh cuideachd taic airson gnothaichean a ghluasad air aghaidh aig ìre na coimhearsnachd.

"Tha cuid a' smaointinn gu bheil poileasaidhean caran ro fhada air falbh bhuapa fhèin, agus nach eil mòran eòlais aca air poileasaidhean na Gàidhlig.

"'S e sgrùdadh gu math mionaideach a th' ann, gu h-àraidh a-muigh anns na h-Eileanan an Iar.

"Tha daoine a' crochadh gu mòr air dè tha na cunntasan sluaigh ag innse dhuinn, ach feumaidh sinn a dhol nas doimhne na sin agus beachdan dhaoine fhaighinn gu mionaideach, gu h-àraidh an lùib na h-òigridh agus inbhich.

"Agus cuideachd beachdan nan daoine anns na sgìrean aca fhèin. Dè tha iadsan a' smaointinn? Dè na faireachdainnean a th' acasan mu dheidhinn an t-suidheachaidh?

"Tha e a' ciallachadh ge-tà, an uair sin gu bheil dh'fhaoidte beagan de sgarradh eadar dè tha an cunntas-sluaigh ag innse dhut agus dè tha sinn a' faighinn a-mach gu mionaideach anns na sgìrean a tha sin.

Ceistean

"Tha sin a' togail cheistean tha mi cinnteach ceangailte leis na poileasaidhean a th' ann, agus gum feum dh'fhaoidte poileasaidhean a bhith nas goirid dhan choimhearsnachd fhèin, agus dh'fhaoidte air an treòireachadh leis a' choimhearsnachd fhèin, chan e dìreach a-mhàin aig ìre nàiseanta - ged a tha sin feumail cuideachd.

"Ach tha mòran cheistean a' dol a dh'èirigh a-mach à seo mu dheidhinn na dòigh a tha sinn a' dèiligeadh leis a' Ghàidhlig an-dràsta an Alba, agus gu h-àraidh dè mar a tha sinn a' dèiligeadh leis a' Ghàidhlig ann an sgìrean dùthchasach mar gum biodh, anns na h-Eileanan an Iar gu sònraichte, agus cuideachd anns an Eilean Sgitheanach agus Eileanan Earra-Ghàidheal cuideachd," thuirt e.

Thèid coinneamh Stafainn a chumail Diciadain 10mh an Cèitean ann an Talla Coimhearsnachd Stafainn.

Thèid coinneamh Thiriodh a chumail Dimàirt 16mh an Cèitean ann an Talla Coimhearsnachd Thiriodh.