Sgeama air 50 taigh a thogail

  • 4 An Cèitean 2017
Flòdaigearraidh Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Tha Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd air 50 taigh a thogail a-nis le sgeama fo am faigh daoine cothrom taigh a cheannach an dèidh màl a phàigheadh 'son ùine.

Tha an 50mh taigh, ann am Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach, air a ghabhail mar-thà, agus tha dà làraich eile aig an Urras san sgìre airson taighean eile.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e seo an 15mh taigh a tha sinn air a dhèanamh dhaibh 's dòcha san trì no ceithir bliadhnaichean mu dheireadh," thuirt Aonghas Dòmhnallach bhon chompanaidh a thog an taigh.

"Tha sinn ag obair air dhà an-dràsta shìos anns a' Chille Bhig, aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tha sinn air 's dòcha trì a dhèanamh an Sròn an t-Sìthein, trì ann am Baile Mac Ara sna bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd.

"Tha iarrtas mòr eagalach an-dràsta, gu h-àraid anns an Eilean Sgitheanach, airson talamh airson taighean a thogail fiù 's.

Òigridh

"Agus gu h-àraid airson òigridh a tha a' feuchainn ris a' chiad taigh aca a cheannach, tha sgeamaichean mar seo cianail feumail, agus gu math cudromach dhaibh cuideachd.

"Tha na taighean a tha seo air an dealbh gu h-àraid airson na margaidh an seo. Tha iad glè luath a chur suas, agus tha iad gu math blàth 's chan eil e a' cosg mòran an teasachadh agus an cumail.

"'S e sin a tha Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd ag iarraidh, gum bi iad ìosal ann an cosgais airson an cumail.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil liosta mhòr aca de dh'àiteachan far a bheil iad ag iarraidh taighean a thogail agus tha talamh a' tighinn suas rudeigin tric, 's tha coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd a' bruidhinn riutha airson na sgeamaichean a tha seo a thoirt air adhart.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' dèanamh glè mhath," thuirt e.