Còmhraidhean mu stailcean a' leantainn

  • 4 An Cèitean 2017
Luchd-teagaisg an Obar Dheathain
Image caption Mura tèid aonta a ruighinn tha an t-aonadh a bagairt a dhol air stailc trì làithean san t-seachdain.

Leanaidh còmhraidhean Diardaoin eadar na h-aonaidhean agus Colaistean na h-Alba ann an oidhirp stad a chur air streath de stailcean.

Chaidh òraidaichean air stailc Diciadain, an dàrna turas taobh a-staigh seachdain, agus tha an t-aonadh ag ràdh gun tèid na stailcean a leudachadh mura tèid aonta a ruighinn.

Chan eil Colaistean na h-Alba air eas-aonta leithid seo fhaicinn airson còrr air 30 bliadhna.

Tha an t-eas-aonta a' buntainn ri pàigheadh agus còraichean obrach.

Aonadh

Tha aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, ag ràdh nach deach adhartas sam bith a dhèanamh gus ìrean-pàighidh nas cothromaiche a stèidheachadh air feadh lìonra cholaistean na dùthcha.

A rèir Cholaistean na h-Alba, cha bu chòir do chòmhraidhean a thaobh pàighidh a bhith fa leth bho ghnothaichean eile leithid saor-làithean agus uairean teagaisg.

Tha an t-aonadh a' sireadh taic bho Riaghaltas na h-Alba gus an t-suidheachadh a rèiteach.

Mura tèid aonta air a ruighinn tha an t-aonadh a bagairt a dhol air stailc trì làithean san t-seachdain.