Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Diùc Dhùn Èideann

Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun sguir Diùc Dhùn Èideann, Am Prionnsa Philip, a’ frithealadh tachartsan poblach bhon fhoghair am-bliadhna. Chaidh an naidheachd fhoillseachadh aig coinneamh de luchd-obrach an Teaghlaich Rìoghail an-diugh sa mhadainn. Chaidh innse dhaibh gu bheil A’ Bhanrigh a’ cur a’ làn-thaic ri co-dhùnadh a’ Phrionnsa, a tha 95, agus gu lean ise oirre a’ coileanadh a dleastanasan rìoghail.

Taghaidhean Comhairle

Tha bhòtadh a' leantainn sna taghaidhean ionadail ann an Alba, Sasainn agus a' Chuimrigh. Uile gu lèir, thèid còrr air 4,800 comhairlichean an taghadh, 1,200 dhiubh ann an Alba. Dùinidh na stèiseanan-bhòtaidh aig 10:00f agus tòisichidh na bhòtaichean gan cunntais aig 09:00m a-màireach. Tha dùil gun tòisich na ciad thoraidhean a' tighinn a-steach beagan ro 12:00f.

Dàibhear

Tha e air aithris gu bheil dàibhear a chaidh a shàbhaladh à Caol Arcaibh, às dèidh dha a bhith còrr is deich uairean a thìde san t-sàl, ann an staid meadhanach math. Chaidh an duine a dhìth mu 5:30f an-dè. Chaidh a lorg le soitheach-siùil Ruiseanach tràth an-diugh sa mhadainn, 's chaidh a thoirt gu tìr le bàta-teasargainn Inbhir Theòrsa.

Càraichean ùra

Thuit an àireamh de chàraichean ùra a chaidh a chlàradh anns an Rìoghachd Aonaichte faisg air 20% air a' mhìos a dh'fhalbh, an coimeas ris a' Ghiblein an-uiridh. Thuirt Comunn Luchd-togail agus Luchd-reic a' ghnìomhachais gun do rinn mòran dhaoine cabhag gus càr ùr a cheannach anns a' Mhàrt, air thoiseach air atharrachaidhean ann an cìs nan carbadan.

Hekmatyar

Thill fear den luchd-catha as cumhachdaiche ann an Afganastan, Gulbuddin Hekmatyar, air ais gu Kabul airson a' chiad uair ann an còrr is 20 bliadhna. Chuir Mgr Hekmatyar ainm ri aonta sìthe ri riaghaltas na dùthcha o chionn ochd mìosan. Tràth anns na 90an, chaidh am far-ainm The Butcher of Kabul a thoirt air mar thoradh air mar a chaidh am prìomh-bhaile a sgrios le na feachdan aige.

Pentland Ferries

Ghabhadh còig de na slighean aiseig aig Cal Mac a ruith le prothaid 's gun subsadaidh sam bith, a rèir fhear a tha a' ruith aiseag a dh'Arcaibh. Tha companaidh Anndra Banks, Pentland Ferries, a' ruith bàta catamaran sa Chaol Arcaich agus tha tè den aon sheòrsa air òrdugh aige. Tha e ag ràdh gum biodh bàtaichean den t-seòrsa sin gu math nas saoire a ruith na tha aiseagan Chal Mac. Thuirt Còmhdhail Alba gu robh Cal Mac air tagradh soirbheachail a dhèanamh airson seirbheisean a' chosta an iar air fad agus gu robh buannachdan an cois an dòigh-obrach sin.