Seirbheisean aiseig gun subsadaidh?

  • 4 An Cèitean 2017
Bàt-aiseig Pentland Ferries

Tha companaidh a tha a' ruith seirbheis aiseig tarsainn a' Chaoil Arcaich ag ràdh gun ruitheadh iad còig de na seirbheisean a th' aig Cal Mac air a' chosta an iar gun sgillinn shubsadaidh.

Gu dearbha, tha Pentland Ferries ag ràdh gum pàigheadh iadsan an Riaghaltas airson cothrom na seirbhisean a ruith.

Tha Àrd-Stiùiriche na companaidh, Anndra Banks, a' cumail a-mach gu bheil na soithichean catamaran - mar an t-aiseag a th' aca an-dràsta - nas saoire a ruith na bàtaichean Chal Mac.

Catamaran

Tha Mgr Banks air a bhith a' ruith na seirbheis faisg air 10 bliadhna le bàt'-aiseig catamaran. Tha e a-nis air tè nas motha òrdachadh a chosgas £14m, a bheir leatha còrr is 450 luchd-siubhail agus faisg air 100 càr.

Tha Mgr Banks ag ràdh gu bheil i tòrr nas saoire a ruith na bàtaichean Chal Mac air sgàth an t-seòrsa chumaidh a tha oirre. Tha e cuideachd a' cumail a-mach gun ruitheadh am bàt'-aiseig aigesan còig là air an luchd connaidh a tha an MV Loch Seaforth a' losgadh ann an aon là.

An coimeas ris an t-soitheach ùr, chosg an Loch Seaforth £42m, agus bheir i leatha 700 luchd-siubhail agus faisg air 150 càr.

Thuirt Mgr Banks gun tairgs' e dhan Riaghaltas còig de na slighean a th' aig Cal Mac an-dràsta - eadar Steòrnabhagh is Ulapul, seirbheis Mhuile, Ìle, Arainn agus Chluaidh - a ruith gun subsadaidh agus, gu dearbha, gum biodh e deònach an Riaghaltas a phàigheadh airson cothrom na seirbheisean a ruith.

Dearbhadh

Thuirt e gun robh iadsan air dearbhadh gun obraicheadh an t-seirbheis anns a' Chaol Arcach gun subsadaidh, ged a bha bàta North Link a' faighinn mu £8m gach bliadhna.

Thuirt an Riaghaltas gun tug iadsan cùmhnant do Chal Mac airson seirbheisean a' chosta an iar gu h-iomlan agus nach robh iad deònach na seirbheisean as prothaidiche a chur gu tairgse leotha fhèin.