Aire ga thoirt gu trioblaidean Dystonia
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aire ga thoirt gu trioblaidean Dystonia

3 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha seachdain shònraichte ga cumail an-dràsta gus aire dhaoine a tharraing gu Dystonia.

'S e Dystonia a thathas a' toirt air grunn thrioblaidean gluasaid tha a' fàgail crùbadh-fèithe air daoine.

Dh' fhaodadh an crùbadh-fèithe a bhith leanntainneach, neo dh' fhaodadh e tighinn agus falbh, tha e diofraichte dhan a h-uile duine.

Tha faireachdainn am measg cuid nach eil fiosrachadh gu leòr aig daoine mu Dystonia, 's iad a' cleachdadh na seachdain-sa gus tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mu dheidhin - nam measg tha DK Mac a' Phì.