Anns an lìon?

  • 3 An Cèitean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iasgach aig Ceistean a' Phìomh Mhinisteir

Their an seann-fhacal gur e iasg a h-uile rud a thèid anns an lìon.

Seachdainn ron taghadh ionadail chaidh an t-iasgach a dheasbad aig ceistean a' phrìomh mhinisteir.

Chaidh slaic thoirt air Nicola Sturgeon le Ruth Davidson às dèidh mar a chuir dithis nàiseantach aig Westminster ainm ri gealltanas nach toireadh iad Alba air ais a-steach gu Polasaidh Coitcheann an Iasgaich às dèidh Brexit.

Rinn am prìomh mhinistear fhèin magadh air ceannard nan Tòraidhean ag ràdh gu robh ise a' luinneanachadh mar iasg air a' chladach air a' chuspair seo.

Do na pàrtaidhean poileataigeach is e bhòt a h-uile rud a thèid anns a' bhogsa-bhaileit.

Chan eil an taghadh seo anns an lìon fhathast.