Pròiseact ùr gràmair is briathrachais

  • 3 An Cèitean 2017
Bòrd na Gàidhlig

Tha pròiseact airson stiùir ùr a thoirt air gràmar agus briathrachas na Gàidhlig ag ràdh gu bheil e a' dèanamh adhartais.

Chuir Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA Comataidh Comhairleachaidh Cànain air chois, agus iad ag amas air Gàidhlig choileanta, nàdarrach a bhrosnachadh an dà chuid anns a' choimhearsnachd agus am measg luchd-foghlaim agus nam meadhanan.

Tha rannsachadh ga dhèanamh dhan Chomataidh Chànain le compàirteachas de sgoilearan fo phròiseact air a bheil an t-ainm LEACAG.

Tha iadsan a' gabhail comhairle bho choimhearsnachdan air na cleachdaidhean cànain a tha iomchaidh, agus thèid stiùireadh na Comataidh Cànain an uair sin a chur air-loidhne.

Beàrnan

"Air ais ann an 2014 rinn sinn rannsachadh am measg na coimhearsnachd a' faighneachd dè seòrsa beachdan a bh' aca a thaobh leasachaidhean corpais," thuirt Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd Bhòrd na Gàidhlig, Dàibhidh Boag.

"Thàinig e am bàrr gun robh draghan air daoine gu sònraichte co-cheangailte ri gràmar agus stiùireadh gràmair, agus cuideachd a thaobh àite far am faigh iad briathrachas soilleir.

"Ghluais sinn air adhart le a bhith a' cur a' phròiseict seo air dòigh far a bheil sinn ag amas air na beàrnan sin a lìonadh.

"'S e an rud a tha cudromach air cùlaibh seo, tha Plana Nàiseanta Cànain Gàidhlig againn a-mach gu co-chomhairle an-dràsta, agus tha sinn a' bruidhinn an sin mu dheidhinn ionnsachaidh agus cleachdaidh.

"Tha e gu math cudromach gu bheil an ceangal eadar an dà rud sin cho soilleir agus siubhlach 's a ghabhas.

"Gu bheil daoine misneachail leis a' chuid Ghàidhlig a tha iad ag ionnsachadh gus am bi cothroman aca sin a chleachdadh.

"Agus tha e cudromach gu bheil sinne mar bhuidhinn leasachaidh, agus na buidhnean eile a tha an sàs leis a' phròiseact seo, a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd airson faighinn a-mach a bheil iad riaraichte leis an t-seòrsa stiùiridh a tha sinne a' dèanamh a thaobh gràmair.

"Tha a' bhuidheann rannsachaidh aig na h-oilthighean, LEACAG, air a bhith a' bruidhinn ri diofar dhaoine feuch dè na dùbhlain as motha a th' aca a thaobh gràmair gu sònraichte.

Deagh Adhartas

"Tha sinn air deagh adhartas fhaicinn le sin. Tha sinn fada nas soilleire a-nis dè na rudan, dè na puingean gràmair a tha a' cur dragh air daoine.

"'S e an ath cheum, gu bheil a' bhuidheann sin a' dol a-mach a bhruidhinn ri daoine anns a' choimhearsnachd airson dearbhadh gu bheil na molaidhean a thaobh stiùir mar gum biodh a thaobh gràmair, gu bheil muinntir na coimhearsnachd ag aontachadh le sin.

"Aig a' cheann thall tha sinn air a' Chomataidh Chomhairleachaidh Chànain a tha seo a chur air dòigh airson eòlas a thoirt dhan bhòrd mar gum biodh, agus tha sinn air daoine fhaighinn aig a bheil fìor dheagh eòlas ann an Gàidhlig, 's iad a' tighinn bho dhiofar roinnean mar gum biodh.

"Tha daoine an sàs a th' air a bhith an sàs le foghlam, le craoladh, le foillseachadh.

"Tha sinn air buidheann air leth làidir a chur air dòigh le sgilean aig àrd-ìre.

"Agus 's e rud eile a tha gu math beartach mu dheidhinn na buidhne seo, bha a' mhòr-chuid air an togail tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.