"Bu chòir cur às do laghan croitearachd"

  • 3 An Cèitean 2017

Bu chòir cur às do laghan croitearachd, agus bu chòir an ath-sgrìobhadh ann an dòigh a tha nas sìmplidh a thuigsinn, a rèir BhPA Thòraidhich.

Bha Peadar Chapman a' bruidhinn agus deasbad a' dol sa Phàrlamaid, air na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann a thaobh ath-leasachadh croitearachd.

Thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil grunn dhòighean air cùisean a leasachadh, ach gum bu chòir coimhead air gach roghainn a tha mu choinneimh na Pàrlamaid air a' cheist.