Stailc a' toirt buaidh air colaistean

  • 3 An Cèitean 2017
Òraid Image copyright Thinkstock

Thèid clasaichean a chur dheth ann an colaistean air feadh na h-Alba Diciadain a-rithist, agus òraidichean air stailc 'son an dàrna turais ann an seachdain.

Tha iad mì-thoilichte le pàigheadh agus còirichean-obrach, is oidhirp aonta a ruighinn Dimàirt air fàiligeadh.

Bha òraidichean air stailc mu dheireadh Diardaoin seo chaidh.

Ged nach bi clasaichean gan cumail, tha dùil gum bi togalaichean nan colaistean fosgailte.

Thuirt aonadh an EIS nach deach adhartas sam bith a dhèanamh bho Dhiardaoin seo chaidh, is iadsan ag iarraidh cothromachadh pàighidh ann an colaistean air feadh na dùthcha.

Thuirt an luchd-fastaidh, Colaistean na h-Alba, gun do chuir iad trì molaidhean ùra air adhart Dimàirt, ach gun deach a h-uile gin a dhiùltadh.

Mura tèid aonta a ruighinn, dh'fhaodadh gum bi trì stailcean eile ann ro dheireadh na mìos.