Buidheann iasgaich ùr ga stèidheachadh

  • 3 An Cèitean 2017
Bàtaichean-iasgaich

Tha buidheann ùr ga stèidheachadh a bhios a' riochdachadh iasgairean agus choimhearsnachdan mu na cladaichean, an Communities Inshore Fishing Alliance.

'S e Caidreachas a th' ann eadar Comainn Iasgaich Chluaidh, nan Eilean Siar, Arcaibh agus Gall-Ghàidhealaibh.

Chan eil aig an ìre seo Comann Iasgairean Mhalaig 's an Iar-Thuath gu bhith nam pàirt den bhuidhinn.

"Tha sinn a' coimhead nan cothroman a tha an lùib Bhrexit, agus dè an t-slighe air adhart airson a bhith cinnteach gun tèid buannachd choltach a thoirt dha na coimhearsnachdan anns na sgìrean iomallach," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Leudachadh

"Ri linn, tha sinn a' faicinn bho chionn 40 bliadhna a-nis, gu bheil na coimhearsnachdan sin air call gu mòr tarsainn air na bliadhnaichean, agus iad air an ceangal ris an dòigh iasgaich a bh' aca bho chionn timcheall air 20 bliadhna, 's chan fhaigh iad air leudachadh a-mach air dòigh sam bith.

"Agus mar a tha sinn a' faicinn cuideam-ceadaichte a bharrachd a' tighinn, feumaidh sinn coimhead dè an dòigh air adhart airson a bhith cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan a tha sin a' dol a dh'fhaighinn iomaill air sin - iomall a bhiodh coltach gu leòr dha na coimhearsnachdan sin - agus cuideachd 's dòcha gum feumar bàtaichean eadar-dhealaichte airson na cothroman a tha sin a ghabhail mu làimh.

"Mar a tha coimhearsnachdan air taobh an iar na h-Alba an seo, tha tòrr mòr beòshlaint a' tighinn às na h-uisgeachan as fhaisge air tìr.

"An-dràsta, tha sinn a' coimhead a-mach gu sia mìle ann an uisgeachan airson nam bàtaichean as lugha.

"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead ris na cothroman a tha sin, gu bheil fosglaidhean gu bhith ann air na sgìrean air taobh a-muigh sin, agus bhiodh cothrom ann dha iomadach duine air an taobh an iar.

Cothroman

"Agus mar a tha sinn a' coimhead air na bliadhnaichean a' dol air adhart, dè seòrsa gnìomhachais a bhios ann dhan òigridh a bhios a' tighinn a-steach.

"Bithidh cothroman ùra ann, agus feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil sealladh againne gu bheil sinn a' cur chùisean ann an òrdugh airson gum bi iomall againn air sin a chumas na solais air anns na coimhearsnachdan a tha sin.

"Cha tig an Riaghaltas thugainne idir. Feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil sinne a' gnocadh air an doras airson a bhith cinnteach gu bheil sinne a' dol a dh'fhaighinn math às na cothroman a tha sinne a' faicinn far comhair, ri linn, ann an dà bhliadhna eile, bidh Brexit air tachairt, agus às bith dè eile a bhios a' tachairt, tha cothroman a' dol a dh'fhosgladh, agus feumaidh sinn a bhith deiseil airson a bhith cinnteach, na coimhearsnachdan air taobh an iar Alba, gu bheil iad a' dol a dh'fhaighinn cothrom air leudachadh, agus na cothroman ùra a tha a' tighinn, smachd fhaighinn orra," thuirt e.