Naidheachan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thug Àrd-Riochaire an Aonaidh Eòrpaich anns na còmhraidhean air Brexit rabhadh seachad gum feum Breatainn na dleastanasan a bh' oirre mar phàirt den EU a choileanadh nuair a dh'fhàgas i. Thuirt Michel Barnier o chionn ghoirid nach ann a' feuchainn ri Breatainn a pheanasachadh a bhios iad, ach ag amas air cunnatasan a rèiteachadh. A' foillseachadh an stiùireadh aige airson na còmhraidhean anns a' Bhruiseal o chionn ghoirid, thuirt Mgr Barnier gu bheil e cudromach gun tèid gach taobh a-steach dha na còmhraidhean le deagh dhùrachd.

Cunntas Brexit

Na bu tràithe thuirt rùnaire Brexit, Daibhidh Davies, nach pàigh an Riaghaltas cunntas de suas ri €100bn nuair a tharraingeas i a-mach às an EU. Tha an sùim, a chaidh a mheasadh leis an Financial Times, timcheall air £40bn nas àirde na tuairmsean a nochd roimhe seo. Thuirt Mgr Davies nach urrainn dhan Choimisean Eòrpach a bhith a' beachdachadh air dè na dh'fheumas Breatainn pàigheadh.

Afganastan

Bhàsaich co-chiù ochdnar ann an ionnsaigh fèin-mharbhtach ann an Kabul, prìomh bhaile Afganastan. Chaidh boma a spreadhadh fhad 's a bha sreath de charbadan, a bhuineadh dhan iomairt aig NATO anns an dùthaich, a' siubhal faisg air Ambasaid nan Stàitean Aonaichte. Thuirt an Stàit Ioslamaich gur iadsan a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Pàislig

Chaidh fear aois 37 a chur an grèim le poilis ann am Pàislig ann an co-cheangal ri bàs fhireannaich anns a' bhaile. Bha oifigearan mar-thà air innse gu robh iad a' dèiligeadh ri bàs Sheumais McFall mar chùis muirt. Chaidh Mgr McFall, a bha 30, a lorg air Sràid Earra-Ghàidheal ann am Pàislig seachdain Disathairne seo chaidh. Tha dùil gun nochd an fhear a chaidh a chur an grèim ann an Cùirt an t-Siorraidh anns a' bhaile an-diugh fhathast.

Buidheann iasgaich

Thèid buidheann ùr a chruthachadh a riochdaicheas iasgairean agus coimhearsnachdan iasgaich. Bidh CIFA a' toirt a-steach Comainn Iasgaich Chluaidh, nan Eilean Siar, Arcaibh agus Gall-Ghàidhealaibh. Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil iad an dòchas brath a ghabhail air na cothroman a tha iad ag ràdh a dh'fhaodadh a bhith an lùib Brexit.

Cobhair

Chaidh boireannach aois 25 a droch ghoirteachadh às dèidh dhi tuiteam a-staigh gu Abhainn Chluaidh ann an Siorrachd Lannraig. Chaidh na seirbheisean teasairginn a ghairm chun na làraich aig Stèisean Cumhachd Stoneybyres ann an New Larark mu ochd uairean a-raoir. Tha cobhair ga dhèanamh oirre ann an Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu.