Ìrean àrda de stuthan ceimigeach an corp mhadaidh-chuain

  • 3 An Cèitean 2017
Lulu Image copyright John Bowler/RSPB Scotland
Image caption Chaidh Lulu a lorg marbh air Eilean Thiriodh an-uiridh.

Tha eòlaichean ag ràdh gun deach ìrean àrda de stuthan ceimigeach toirmisgte a lorg ann an corp mhadaidh-chuain - neo Orca - a chaidh a lorg ann an Tiriodh an-uiridh.

Bha Lulu na pàirt den aon bhuidhinn de mhadaidhean-cuain a tha a' tighinn beò ann an uisgeachan Bhreatainn.

Chaidh casg a chur air cleachdadh an stuth cheimigich polychlorinated biphenyl (PCB) sna 1970an air sgàth cho millteach 's a bha e. Ach tha lorg air fhathast san àrainneachd, gu h-àraidh aig làraichean sgudail far a bheil e dualtach a' mhuir a ruighinn.

Tha PCB ag adhbharachadh dhuilgheadasan mòra do mhadaidhean-cuain. Bidh e a' toirt fìor dhroch bhuaidh air eanchainn a' bheathaich is air siostaman dìon bodhaige, agus bidh e a' cur stad air comas laoigh a bhith aca.

Chaidh Lulu a lorg le fichead uiread na h-ìre a tha sàbhailte de PCB. Tha dragh ann a-nis gum faodadh a' chòrr den bhuidhinn a bhith air an truailleadh leis an stuth agus àireamhan mar-thà ag adhbharachadh iomagain do bhuidhnean glèidhteachais.