Sgrùdadh dràibhidh

  • 2 An Cèitean 2017

Tha na Poilis a' sgrùdadh chasaidean de dhràibheadh chunnartach air an A96 ann an Inbhir Narann.

Chaidh aithris gun deach tancair connaidh seachad air trafaig a bha na stad - a' feitheamh ri dhol a-steach a bhucas buidhe - far a bheil Sràid a' Chaladh a' coinneachadh ris an Àrd Sràid.

Chaidh aithris gun do thachair seo mu 4:00f Diciadain, 26mh den Ghiblean.

Tha na Poilis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart.