Trèana oidhche a dh'Inbhir Theòrsa?

  • 2 An Cèitean 2017
Caledonian sleeper Image copyright Iain McLean

Dh'fhaodadh trèanaichean oidhche a bhith a' ruith eadar meadhan na h-Alba agus Inbhir Theòrsa.

Tha buidheann còmhdhail a' chinn a tuath, HiTRANS, air a bhith a' bruidhinn ri SERCO, aig a bheil seirbheisean oidhche an-dràsta eadar Alba agus Lunnainn, feadhainn Inbhir Nis agus a' Ghearasdain nam measg.

Thuirt neach-labhairt HiTRANS, Frank Roach, gu bheil dùil aca ri measadh coimeis a dhèanamh air an gabhadh seirbheis a thòiseachadh le trèanaichean a bha SERCO a' dol a chur bhuapa.

Thuirt e: "Chruthaicheadh e ceangal eadar Gallaibh agus Arcaibh agus meadhan na h-Alba.

"Bidh 300,000 duine a' dol tarsainn a' Chaoil Arcaich a dh'Arcaibh gach bliadhna.

"Tha 50,000 duine ann an Arcaibh agus Gallaibh, agus an uair sin tha coimhearsnachdan ann an Taobh Sear Rois agus Inbhir Nis fhèin.

"Tha sluagh mòr ann a dh'fhaodadh an t-seirbheis a chleachdadh."