Dìth rèitirean iomain

  • 2 An Cèitean 2017
Pàirc a' Bhucht
Image caption Pàirc a' Bhucht

Tha Comann na Camanachd a' maoidheadh air sgiobannan gun tèid geamaichean a chur dheth a dh'aithghearr le cion rèitirean.

Tha litir, a chaidh a-mach chun nan clubaichean, ag ràdh gum faigh sgiobannan a tha mu thràth air cuideigin a chur air adhart mar rèitire prìomhachas.

Thuirt am fear-aithris iomain Uisdean MacIllInnein, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne, gum bu chòir dhan obair a bhith tarraingeach, is e ag ràdh gum faigh rèitire glè fhaisg air £100 airson gaama àbhaistich, eadar pàigheadh is cosgaisean.

Ach, thuirt e gu bheil troimhe-chèile air a bhith ann eadar Comann na Camanachd agus Comann nan Rèitirean, gu h-àraid anns an 20 bliadhna mu dheireadh.

A thuilleadh air sin, thuirt e: "Tha daoine cho gann thairis air a' gheama air fad a-mach bhon phàirc gur e trioblaid anns an fharsaingeachd a th' ann.

"Agus ged a bhiodh sgiobaidhean deònach an làmh a chur suas is cantainn cuiridh sinn rèitire a-staigh an ath-bhliadhna, chuirinn geall nach biodh e cho furasta sin dhan mhòr-chuid sin a dhèanamh.