Gluasad ola ga dheasbad

  • 2 An Cèitean 2017
Tancairean ola

Thèid planaichean airson luchdan mòra de dh'ola a ghluasad eadar bàtaichean ann an Linne Mhoireibh a dheasbad aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Tha còrr air 100,000 duine air an ainmean a chur ri athchuinge a' cur an aghaidh nam planaichean aig ùghdarras Port Linne Chrombaidh.

Chaidh an deasbad sa Phàrlamaid a thogail leis a' Phàrtaidh Uaine.