Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Sràid Downing nach eil iad a' toirt spèis sam bith do dh'aithrisean gun deach Theresa May agus Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, a-mach air a chèile gu dona aig còmhraidhean mu Bhrexit an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Theresa May nach eil anns na h-aithrisean sin ach "smodal às a' Bhruiseil" na beachd-se. Ach tha feadhainn aig àrd-ìre san Aonadh Eòrpach ag ràdh gu bheil a' Bhruiseil a' sìor fhàs mì-thoilichte le seasamh Bhreatainn air na còmhraidhean.

An Fhraing

Chaidh fàgail air Marine Le Pen, tagraiche pàrtaidh na làimhe deise, am Front National, ann an taghadh a' Chinn-Suidhe san Fhraing, gun do chleachd i an aon òraid agus a rinn fear de na nàimhdean poileataigeach aice. Tha clàradh bhidio ga sealltainn a' cur am feum na h-aon bhriathran, facal air an fhacal, agus a rinn Francois Fillon, a chaidh a chur a-mach às an taghadh anns a' chiad chuairt den bhòtadh. Tha a' chuairt mu dheireadh den taghadh ann Là na Sàbaid eadar Marine Le Pen agus Emmanuel Macron.

Scalpaigh

Tha buidheann dìon na h-àrainneachd, SEPA, a' rannsachadh an deach a' mhuir a thruailleadh an dèidh teine aig factaraidh ghlanadh lìon ann an Scalpaigh Dihaoine. Tha SEPA ag ràdh gun deach peanta anns a bheil copair dhan uisge. 'S fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart mun teine tha dragh anns a' choimhearsnachd mu chosnadh 13 duine a bha ag obair ann, agus buaidh cuideachd air buidhnean eile sa choimhearsnachd a bha a' stòradh stuth anns an togalach.

An Taghadh

Tha na ceannardan poileataigeach a-muigh air feadh Alba air iomairt an taghaidh an-diugh a-rithist. Tha ceannard nan Lib-Deamach, Willie Rennie, a' bruidhinn ri luchd-gnothaich ann am Fìobha. Canaidh Kezia Dugdale aig na Làbaraich gur iadsan an aon phàrtaidh a chuireas dìon air na seirbheisean as cudromaiche. 'S e foghlam agus cùram sòisealta a th' air aire cheannard nan Tòraidhean, Ruth Davidson. Agus bidh Nicola Sturgeon ag iarraidh air daoine òga taic a chur ris an SNP mar dhòigh air guth làidir a thoirt do dh'Alba.

S2S

Tha deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air a' phlana airson ola a ghluasad eadar bàtaichean ann an Linne Mhoireibh. Chuir còrr is 100,000 duine an ainm ri athchuinge an aghaidh nam planaichean aig Ùghdarras Port Linne Chrombaidh.