Bithidh Fèis Inbhir Narann ann

  • 2 An Cèitean 2017
Inbhir Narann Image copyright John Allan/Geograph

Bithidh Fèis Leabhraichean Inbhir Narann ann am-bliadhna, agus iomairt gus £15,000 a thogail air soirbheachadh.

Bha dragh ann gum faodadh an fhèis a dhol à bith is iad air taic-airgid a chall.

Nochd ceist mu dheidhinn na Fèise is iad ag innse nach biodh Alba Chruthachail a' toirt seachad taic-airgid am-bliadhna.

Dh'innis cathraiche na fèise, Dàibhidh Godden, gum feumadh iad £15,000 a thogail ro dheireadh na mìos seo, no nach biodh fèis na bliadhna ann.

Dhearbh Mgr Godden gu bheil iad a-nise air airgead gu leòr a thogail, is thug e taing dhan phoball.

Thuirt Mgr Godden gu bheil an fhèis glè chudromach do dh'Inbhir Narann, ach gu bheil e ag aithneachadh nach urrainn dhaibh a bhith an eisimeil leithid de dh'iomairt gach bliadhna.

Thuirt e bheil iad mar thà a' bruidhinn ri Alba Chruthachail mu thaic mu choinneimh fèise na h-ath-bhliadhna.