Surfair a' faighinn cobhair san ospadal

  • 2 An Cèitean 2017
Tràigh /Mata Bryce Image copyright Geograph/PoliceScotland
Image caption Fhuaras lorg air Mata Bryce 13 mìle a-mach bho chladach Chinn Tìre.

Tha fear a' faighinn cobhair san ospadal às dèidh dha a bhith a dhìth aig muir fad 32 uair de thìde.

Bha Mata Bryce air a bhith a' surfadh far chladach Chinn Tìre.

Chuir teaghlach Mata Bryce, a tha 22, fios air na seirbheisean èiginn nuair a dh'fhailich air tilleadh bho thuras surfaidh ann Cinn Tìre feasgar Didòmhnaich.

Fhuaras lorg air a' chàr aige aig an tràigh agus chaidh iomairt theasgairginn mhòr a chur air dòigh le sgiobaidhean bata-teasairginn agus maoir-chladaich.

Mu dheireadh fhuair sgioba an heileacoptair sealladh air Mata 13 mìle bhon chosta agus grèim aige air a' bhòrd-shurfaidh aige.

Bha pian air a bhith na mhionnach agus cha b' urrainn dha e fhèin fhaighinn air ais gu tìr.

Tha e a-nis a' faighinn cùraim san ospadal ann am Béal Feirste 's e fo bhuaidh na fuachd.

Thuirt na Maoir-Chladaich gun robh gnothach aig cho ciùin 's a bha a' mhuir agus cho tiugh 's a bha an deis-uisge aige ri mar a thàinig e às beò.