Beachd a' Chinn a Tuath air an taghadh comhairle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd a' Chinn a Tuath air an taghadh comhairle

2 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dè tha daoine a tha a' fuireach ann an tè de na sgìrean as fhaide air falbh bho oifisean Chomhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh bho na comhairlichean ùra?

Tha sinn a' cur na ceist agus cothrom aig daoine ann an Diùranais agus ceàrnaidhean eile den Ghàidhealtachd peann a chur ri pàipear an ceann dà là.

Tha an àireamh sgoilearan sa bhun-sgoil san sgìre aig an ìre as ìsle a-riamh, 's e rathad singilte a th' ann a-mach agus a-steach sa bhaile agus an-uiridh thadhail an àireamh as motha a-riamh de luchd-turais air an àite.

Tha Eileen NicDhòmhnaill air a bhith ann a' sireadh bheachdan.