Dòchas mu iomairt pàirce-geo

  • 1 An Cèitean 2017
Asainnte Image copyright David Glass/Geograph

Tha dòchas ann gun soirbhich le iomairt gus inbhe pàirce-geo a ghlèidheadh airson iar-thuath na Gàidhealtachd.

Bhuilich UNESCO an inbhe air an sgìre bho chionn deich bliadhna.

Thèid measadh a dhèanamh air an inbhe an ceann dà bhliadhna eile agus dragh ann gum bi an suidheachadh gu math mì-chinnteach leis gun chaill iad an t-airgead 'son oifigear-pròiseict sa Mhàrt.

Ach, chaidh iomairt sluagh-mhaoineachaidh a chur air dòigh 'son £70,000 a thogail airson an oifigear-pròiseict a chumail ann an dreuchd.

Ged nach eileas ach aig ìre thràth, thuirt a' bhuidheann a tha a' ruith na pàirce gu bheil iad misneachail leis mar a tha cùisean a' dol, 's iad air £9,000 a thogail.