Boireannach air bàsachadh an dèidh tubaist-rathaid

  • 1 An Cèitean 2017

Chaochail boireannach a chaidh a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air a' Ghàidhealtachd bho chionn beagan agus trì seachdainean.

Bha Ealasaid NicAonghais, a bha 66 agus a bhuineadh don Ghàidhealtachd, ann an càr a bh' ann an tubaist air an A82 eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis.

Thachair an tubaist air an 11mh là den Ghiblean.

Tha am fear a bha a' dràibheadh a' chàr fhathast san ospadal.