Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sàbhailteachd Air-Loidhne

Tha comataidh Pàrlamaid a' fàgail air companaidhean nam meadhanan sòisealta nach eil iad a' cur smachd mar a bu chòir dhaibh air ceannairc agus gràin air-loidhne. Thuirt Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha gu bheil barrachd dragh air na companaidhean mu na prothaidean aca na th' aca mu shàbhailteachd dhaoine. Chuir Google, Facebook, agus Twitter dìon ron seo air an dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ri sàbhailteachd air-loidhne.

Lunnainn

Chuir poilis ann an Lunnainn triùir bhoireannach an grèim fo amharas mu cheannairc. Thuirt na Poilis gu bheil seo co-cheangailte ris an iomairt a bh' ann an Lunnainn Diardaoin seo chaidh, anns an deach boireannach a ghoirteachadh nuair a loisg poilis oirre.

Na Taghaidhean

Tha iomairt an Taghaidh Choitchinn agus iomairt nan Taghaidhean Ionadail a' dol air adhart an Alba an-diugh. Bidh ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, a' moladh na rinn iad airson cùram cloinne. Tha ceannard nan Tòraidhean, Ruth Davidson, a' fàgail air an SNP gum feum iad aire a thoirt do dh'obair an Riaghaltais seach neo-eisimeileachd. Bidh an t-seann Sheansalair Làbarach, Alasdair Darling, ag iomairt ann an Dùn Èideann. Agus bidh ceannard nan Lib-Deamach, Willie Rennie, a' bruidhinn air leasachadh coimhearsnachd.

Na Stàitean Aonaichte

Chaill 13 duine am beatha ann an tornàdothan agus droch stoirmean ann an ceann a deas agus ann am meadhan nan Stàitean Aonaichte. Tha aithrisean ann gun deach daoine a mharbhadh ann an Teagsas, Arkansas, Missouri, agus Mississippi.

Iasgach a' Chreachainn

Tha riaghailtean ùra airson iasgach a' chreachainn a' tòiseachadh an ceann mìos. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum feum on chiad là den Ògmhios creachainn a bhith nas motha na 105mm mus gabh an cur air tìr. Thèid smachd cuideachd air an àireamh thursan a dh'fhaodas bàtaichean dreids a chur dhan uisge a h-uile turas a tha iad aig muir.

Scalpaigh

Tha rannsachadh a' dol air adhart mun teine a rinn milleadh mòr air factaraidh ann an Scalpaigh na Hearadh feasgar Dihaoine. Ged nach deach duine a ghoirteachadh b' fheudar do dhaoine san nàbachd na dachannan fhàgail leis a' cheò a bha a' tighinn às an togalach anns a bheil iad a' glanadh lìn do thuathan-èisg.