Aithisg fhiadh ri dheasbad

  • 1 An Cèitean 2017
Fiadh

Tha carthannasan glèidhteachais ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gabhail ri mòlaidhean ùra gus smachd a chur air àireamh nam fiadh.

Air thoiseach air deasbad mun chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, tha na buidhnean ag ràdh nach eil poileasaidh an Riaghaltais mar a tha e ag obair.

Rinn aithisg bho Chomataidh na h-Àrainneachd air a' mhìos a dh'fhalbh càineadh air an t-siostam a th' ann airson smachd a chumail air fèidh.

Fhuair an aithisg nach eil àrainneachdan sònraichte air an dìon, gu bheil fèidh ro phailt ann an cuid de sgìrean, is gu bheil iad a' cur maill air oidhirp gus craobhan dùthchasach fhàs às ùr.

A-nise, tha buidhnean mar RSPB na h-Alba, Urras Nàiseanta na h-Alba is Ramailearan na h-Alba, air taic a chur ris an aithisg.

Dh'iarr iad air an Riaghaltas gabhail ri molaidhean airson poileasaidh nam fiadh atharrachadh.