Sgrùdadh SEPA às dèidh teine Scalpaigh

  • 1 An Cèitean 2017
An teine an Scalpaigh Image copyright Doug Neal

Tha Buidhean Dion na h-Àrainneachd, SEPA, ag ràdh gu bheileas a' dèanamh rannsachaidh air uisgeachan na mara ann an Scalpaigh às dèidh an teine a rinn sgrios air factaraidh san Eilean.

Thuirt a' bhuidhean feasgar gu bheileas a' tuigsinn gu bheil cuid de pheanta copair a bha ga stòradh aig an fhactaraidh, air a dhol dhan a' mhuir.

Ann am brath gu BBC Naidheachdan, thuirt iad gun deach sampalan dhen t-sàl a chruinneachadh Diluain 's gun obraich iad còmhla ri Buidhean Mara na h-Alba 's buidhnean eile, feuch buaidh sam bith a dh'fhaodadh a bhi aig a seo air maitheas an uisge sa sgìre a rannsachadh.

Rannsachadh

Aig a' cheart àm tha rannsachadh a' leantainn feuch dè bu choireach dhan teine a rinn milleadh mòr air an fhactaraidh a bhiodh a' glanadh lìn airson tuathanasan èisg.

Bha luchd-smàlaidh aig an làraich Didòmhnaich a' cumail uisge air pìosan den togalach a bha fhathast teth às dèidh teine a thòisich feasgar Dihaoine.

Chaidh fios a chur air an t-seirbheis smàlaidh aig 4:30f.

Thathas a' tuigsinn nach deach duine sam bith a ghoirteachadh anns an teine.

Ach chaidh daoine a ghluasad o na taighean aca agus ceò puinnseanta a' sgaoileadh bhon teine airson grunn uairean de thìde.

Thuirt neach-labhairt airson Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun robh rannsachadh a' leantainn feuch dè dh'adhbharaich an teine.

Tha teachdaireachd air na meadhanan sòisealta bho Fhèis Eilean na Hearadh a' sireadh iasadan de dh'ionnsramaidean ciùil, leis gun deach feadhainn a chall san teine agus iad a' cleachdadh na factaraidh mar stòr.

Thuirt iad gun tòisicheadh iad iomairt mhaoineachaidh a dh'aithghearr.