Stiùireadh air airgead a shàbhaladh

  • 28 An Giblean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Gheibh daoine air a' Ghàidhealtachd cothrom a dhol gu seiseanan far am faigh iad comhairle is stiùireadh air mar a shàbhalas iad airgead.

Bidh na seiseanan gu sònraichte ag amas air daoine a chuideachadh gus na sgilean IT aca a leasachadh.

'S e Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhanntachd leis a' bhuidhinn Libertie a th' air an Café Didsiteach a chur air dòigh.

Bidh seiseanan aca san Allt Bheithe, Cille Chuimein agus Druim na Drochaid tron Chèitean.

Bheir eòlaichean seachad stiùireadh air mar a gheibh daoine air-loidhne gu sàbhailte, is mar as urrainn dhaibh cunntasan a phàigheadh is sochairean iarraidh air-loidhne.

A bharrachd air sin, bidh fiosrachadh air bancaireachd air-loidhne is eile.

Gheibh daoine cuideachd cothrom ceistean sam bith a th' aca mun chùis a thogail.

Bidh na seiseanan ann aig na h-amannan a leanas.

•Café Òran Na Mara - An t-Allt Beithe: 2-4f air an 8mh, 15mh, 22mh is 29mh den Chèitean

•Talla Cuimhneachaidh Rois - Cille Chuimein: 10-12m air an 10mh, 17mh, 24mh is 31mh den Chèitean.

•Ionad Creag a' Mhonaidh - Druim na Drochaid: 2-4f air an 10mh, 17mh, 24mh is 31mh den Chèitean.

Ma shoirbhicheas leis na sèiseanan, thathas an dòchas barrachd dhuibh a chur air dòigh air feadh na Gàidhealtachd.