Cead airson taigh-òsta

  • 28 An Giblean 2017
Premier Inn Image copyright Iam Architects
Image caption Dealbh dhan taigh-òsta a th' anns an amharc.

Tha planaichean airson taigh-òsta ùr a thogail anns an Aghaidh Mhòir air cead fhaighinn.

Tha Premier Inn ag iarraidh taigh-òsta le 60 seòmar-leapa a thogail air làrach a th' air a bhith bàn bho chaidh stèisean connaidh a dhùnadh bho chionn còrr air deich bliadhna.

Thuirt Whitbread, leis a bheil Premier Inn, gun cosg iad £6.5m air a' phròiseict.

Thug buill de chomataidh dealbhachaidh Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cead dhan phlana.

Thug iad cead seachad cuideachd airson plana gus ochd taighean a thogail siar air Baile Ùr an t-Slèibh.

Bidh dhà aca ri fhaotainn aig prìs reusanta.