Seann chrainn a' falbh

  • 28 An Giblean 2017
Tùr dealain Image copyright bbc

Thèid tòiseachadh Dihaoine air a' cheum mu dheireadh dhen phròiseact airson cur às dhen t-seann loidhne dealain a bha a' dol eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba.

Bho chaidh loidhne ùr a thogail eadar a' Mhanachainn agus Denny, thathas air a bhith a' leagail nan seann chrann.

Tha dealan mu thràth san loidhne ùir, ach tha fhathast mu 80 crann bhon t-seann loidhne nan seasamh ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thig iadsan a-nuas eadar seo agus deireadh an Iuchair.