Ralaidh Innse Gall a' sireadh taic

  • 28 An Giblean 2017
Rally Hebrides Image copyright Rally Hebrides

Dh'iarr a' bhuidheann Ralaidh Innse Gall taic a bharrachd bhon choimhearsnachd airson cuideachadh le ralaidh na bliadhna.

Tha Ralaidh Innse Gall a' comharrachadh clach-mhìle ann an 2017 is an deicheamh ralaidh gu bhith aca.

'S ann san Lùnasdal a bhios an ralaidh, is an t-airgead a tha a' tighinn às a' dol a charthannas.

Tha comataidh Ralaidh Innse Gall mar thà trang a' cur chùisean air dòigh, is dùil aca aig an ìre seo gum bi 35 càr aca.

Ged a tha cùisean a' dol gu math, dh'iarradh iad taic a bharrachd.

"Tha e cho cudromach gum bi daoine againn a chuideachas sinn", thuirt Màiri Ross, a tha air comataidh Ralaidh Innse Gall.

"Chan urrainn dhut ruith co-fharpais mar seo le còignear.

"Tha tòrr na lùib. Tha sinn a' smaoineachadh mu na marsailean a dh'fheumas a bhith againn, cha mhòr nach eil dithis a' seasamh aig gach còrnair.

"Daoine a bhith a' coimhead às dèidh biadh agus na dràibhearan, na ticeadan, am pàipear - a h-uile càil", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile