Seile ag amas air Cupa MhicAmhlaidh a dhìon

  • 27 An Giblean 2017
Ceann Loch Seile

Tòisichidh Ceann Loch Seile an oidhirp grèim a chumail air Cupa MhicAmhlaidh Disathairne nuair a thig Lòbhat dhan Chlachan Aillseach.

Rinn Seile eachdraidh nuair a bhuannaich iad an cupa 5-3 an aghaidh Inbhir Aora san Lùnasdal an-uiridh, a' chiad dhuais mhòr aca a-riamh.

Thàinig atharrachadh mòr aig deireadh an t-seusain nuair a bhòt an cluba gus Johnson Gill a thilleadh mar mhanaidsear - dreuchd a dh'fhàg e roimhe - a dh'aindeoin is gur e Cailean Friseal a bha air an stiùireadh dhan chupa.

Chuir sin beagan de dh'uallach air Gill agus na cluicheadairean, 's dòcha, ach thuige seo co-dhiù tha coltas ann gu bheil iad a' dèiligeadh ris gun dragh.

Tha Seile air gach geama a bhuannachadh sa Phrìomh Lìog - 4 a-mach à 4 - is iad cuideachd troimhe dhan iar chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

Tràth

Tha e tràth fhathast, ach tha e coltas ann gu bheil an sgioba deiseil airson togail air an soirbheachas a bh' aca an-uiridh, seach a bhith riaraichte leis na fhuair iad.

Ma tha Ceann Loch Seile fhathast air an t-slighe suas mar sgioba, ge-tà, tha ceist ann mun fheadhainn a bhios nan aghaidh Disathairne.

Thog Lòbhat Cupa MhicThàmhais ann an 2013 is 2014, is an uairsin Cupa na Camanachd fhèin ann an 2015.

Cha do rinn iad cus bhon uairsin is cha do thòisich iad an seusan seo san lìog ro mhath nas motha, is iad air call aig an taigh ri Ceann Loch Seile mar thà.

Geama mòr san amharc Disathairne ma-thà, deuchainn dha Ceann Loch Seile sealltainn gu bheil iad gu bhith a' farpais son barrachd dhuaisean, is cothrom aig Lòbhat dearbhadh gu bheil spionnadh air fhàgail annta.

Bidh geama mòr sa chupa cuideachd air taobh thall Drochaid an Eilein Sgitheanaich, far an tèid na Sgitheanaich an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

Tha lìog eadar na sgiobaidhean seo a-nise, ach cha do thòisich am Baile Ùr an seusan seo ro mhath (a rèir nan ìrean aca fhèin co-dhiù), is ma tha deagh àm ann a dhol an aghaidh sgioba Bhàideanach, 's dòcha gur e seo e.

Cothrom

Fhad 's a tha sgiobaidhean eile trang ann an Cupa MhicAmhlaidh, tha cothrom aig Caol Bhòid gluasad air thoiseach aig mullach na Prìomh Lìge nuair a thig Cill Mhàillidh a Thaigh na Bruaich.

Tha e air a bhith doirbh do Chaol Bhòid ann am bliadhnaichean eile ceann a' mhaide a chumail ri càch aig mullach na lìge fad an t-seusain, is buidheann car beag de chluicheadairean aca.

Tric, 's ann air an rathad a chaidh cùisean ceàrr orra, ach tha Caol Bhòid air a' bhliadhna seo a thòiseachadh le 4 geamaichean lìge a-mach à 4 a bhuannachadh air falbh bhon taigh.

Eadar sin, is toiseach-tòiseachaidh car slaodach aig Baile Ùr an t-Slèibh, bidh muinntir Thaigh na Bruaich air am misneachadh gur dòcha gur e seo a' bhliadhna acasan.

Chuireadh dà phuing eile Disathairne ris a sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile