Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, gum faodadh Breatainn taic a chur ris nan Stàitean Aonaichte nan toireadh iad ionnsaighean eile air an riaghaltas ann an Siria. Leag itealain cogaidh Ameireaganach boma mòr air raon-adhair ann an Siria aig toiseach na mìos agus an riaghaltas ann an Washington a' fàgail air a' Cheann-suidhe Assad gun tug esan ionnsaigh le gas puinnseanta air baile reubaltach ann an Siria. Thuirt Mgr Johnson gum biodh e doirbh taic a dhiùltadh nan iarraidh an Ceann-suidhe Trump sin, agus tha coltas ann a-niste gum faodadh a' cheist sin a bhith gu math cudromach ann an iomairt an taghaidh choitchinn.

Spreadhadh

Bha spreadhadh mòr agus teine às a dhèidh faisg air a' phort-adhair eadar-nàiseanta ann am prìomh bhaile Shiria, Damascus. Tha telebhisean na stàite ann an Siria ag ràdh gun tug itealain cogaidh Israelach ionnsaigh air làraich far an robh armachd aig a' bhuidhinn Lebanaich, Hezbollah, caraid dhan riaghaltas ann an Siria.

Brexit

Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gum feum Breatainn tuigsinn nach bi còraichean den aon t-seòrsa, no nas fheàrr aice, na bhios aig dùthaich sam bith anns an Aonadh Eòrpach, an dèidh Brexit. Bha ise a' bruidhinn ro choinneimh ann an Lugsamburg an-diugh a tha a' deasbad nan riaghailtean airson còmhraidhean Brexit.

Stailc

Tha òraidichean aig colaistean na h-Alba air stailc mu phàigheadh agus còraichean-obrach. Tha an t-aonadh aca, an EIS, ag iarraidh cothromachadh ann am pàigheadh eadar diofar cholaistean. Tha an t-aonadh a' maoidheadh stailc trì là a h-uile seachdain gus am bi aonta ann. Thuirt Colaistean na h-Alba gu bheil an stailc a' dèanamh cron air foghlam nan oileanach aig àm cudromach dhaibh le deuchainnean a dh'aithghearr.

Tuathanachas

Thuit prothaid air tuathanasan na h-Alba gu faisg air leth san fharsaingeachd an-uiridh. Fhuair an sgrùdadh a rinn Riaghaltas na h-Alba gur e teachd a-steach san fharsaingeachd, an dèidh chosgaisean, de £12,600 a bha aig tuathanas eadar 2015/2016. Tha sin £11,500 nas lugha na bh' ann air a' bhliadhna ron a sin. Tha e coltach gur e nas lugha bàrr, stoc, agus nas lugha de thaic subsadaidh as coireach.

Sluagh

Dh'èirich àireamh sluaigh na h-Alba 0.6% an-uiridh dhan ìre as motha a-riamh aig 5,404,700. Thuirt Clàran Nàiseanta na h-Alba gur e in-imrich as motha a thug buaidh air sin, le faisg air 32,000 a bharrachd a' tighinn a dh'Alba, na dh'fhalbh air a' bhliadhna gu deireadh an Òg-Mhìos ann an 2016. Bha an àireamh chloinne a rugadh suas cuideachd, mu 800.