'Na feuch seo aig an taigh'

  • 27 An Giblean 2017
Danny Macaskill on Skye Ridge Image copyright Cut Media
Image caption Danny sa bhaic air a' Chuiltheann

Tha luchd-teasairginn air iarraidh air daoine gun a bhith a' feuchainn air na cleasan baidhseagail aig Danny MacAsgaill iad fhèin.

Thàinig an rabhadh às dèidh mar a chaidh boireannach a ghoirteachadh nuair a thàinig i far a' bhaidhseagail aice air a' Chuiltheann.

Bhrist i cas.

Rinn Danny, a bhoinneas dha Dùn Bheagain, fiolm ainmeil ann an 2014 is e ri cleasan air a bhaic air a' Chuiltheann.

Tha daoine air coimhead air a' bhideo air YouTube còrr is 50 millean turas.

Thuirt Sgioba Teasairginn Beinne an Eilein Sgitheanaich gu bheil an leithid seo air a bhith a' tachairt nas trice bho chionn ghoirid.

"Tha sinn a' faicinn daoine air baidhseagalan ann an àiteachan far nach bu chòir dhaibh a bhith", thuirt fear-labhairt bhon sgioba.

"Nuair a ruigeas iad na h-àiteachan, tha iad a' tuigsinn nach eil an suidheachadh idir mar a bha dùil aca.

"'S e an teachdaireachd a th' againn gun a bhith a' feuchainn a bhith coltach ri Danny MacAsgaill", thuirt e.