Lùghdachadh mòr air prothaidean thuathanasan

  • 27 An Giblean 2017
Combine harvester Image copyright PA
Image caption Tha subsadaidhean na ìsle am measg na tha ga choireachadh.

Tha figearan Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gun tàinig lùghdachadh £11,500, sa chumantas, air prothaidean thuathanasan ann an Alba sa bhliadhna mu dheireadh.

Fhuair sgrùdadh Gnothachas Tuathanachais an Riaghaltais gur e £12,600 a' phrothaid àbhaisteach aig tuathanasan ann an Alba, às dèidh cosgaisean, airson 2015/16.

Tha sin sìos £11,500 air a' bhliadhna roimhe.

Tha subsadaidhean nas ìsle agus toradh nas lugha gan coireachadh airson an lùghdachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile