Cliabh agus tairsgeir gan taisbeanadh ann an Sìona

  • 27 An Giblean 2017
Cliabh Image copyright Neil Hanna
Image caption 'S ann à Àrnol ann an Leòdhas a thig an cliabh agus an tairsgeir

Bidh cliabh agus tairsgeir à Lèodhas a-measg na bhios ri fhaicinn aig taisbeanadh ùr ann an Sìona.

'S e "Alba Romansach" ainm an taisbeanaidh a tha ag amas air ceanglaichean cultarail eadar an dà dhùthaich a neartachadh.

Bidh obair-ealain, dealbhan agus sgeulachdan a-measg na chì muinntir Nanjing anns an taisbeanadh a dh'fhosglas air Dihaoine, an 28mh là dhen Ghiblean.

Thuirt a' bhuidheann Àrainneachd Eachdraidheil Alba, a tha a-measg na tha an sàs ann, gu bheil iad airson beartas cultarail na h-Alba a thoirt gu aire muinntir Shìona, agus iad an dòchas barrachd luchd-turais à Siona a thàladh air ais a dh'Alba.

Tha luach £2.3bn ann an turasachd dualchais do dh'eaconomaidh na h-Alba gach bliadhna, agus tha muinntir Shìona a-measg na tha a' nochdadh barrachd uìdh ann an eachdaidh agus cultar na dùthcha.

A-measg nan gnothaichean eile a chìthear anns an taisbeanadh tha an dealbh "A distant view of Stirling" le Alexander Naysmyth agus clogaid bhon 17mh linn bho Chaisteal Dhun Bhreatainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile