El Ceasago Mòr - Pàirt 2

  • 27 An Giblean 2017
ICT is County Image copyright SNS
Image caption Bha gu leòr a' meas a' gheama eadar ICT is County air a' mhìos seo chaidh mar an dearbaidh Ghàidhealach as motha a-riamh. A-nise tha fear fiù 's nas cudromaiche ann.

Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thèid e a-steach sa Ghiblean - a rèir an t-seann fhacail.

Abair gu bheil am feur a thàinig a-mach air ball-coise na Gàidhealtachd sa Mhàrt 2016 air a dhol a-steach sa Ghiblean 2017.

Bha a' ghrian a' deàrrsadh air Ross County is Caley Thistle Inbhir Nis nuair a choinnich iad ann an Inbhir Pheofharain sa Mhàrt an-uiridh.

Bha County dìreach air Cupa na Lìge a bhuannachadh, a' fàgail gun robh - 'son treis co-dhìu - an dà chuid Cupa na Lìge is Cupa na h-Alba air a' Ghàidhealtachd.

'S e suidheachadh a bha sin nach biodh duine air creidsinn 30 bliadhna air ais nuair nach sgioba Ghàidhealach fiù 's ann an Lìog na h-Alba.

Coinnichidh iad ann an Inbhir Pheofharain a-rithist oidhche Haoine, ach tha mòran air atharrachadh.

Cha robh Cupa na Lìge aig County ach ceithir mìosan, agus 's gann gun robh an seusan ùr air tòiseachadh nuair a chaidh sgioba Jim Mhic an t-Saoir a-mach à farpais 2016/17.

Cha do thòisich iad cus na b'fheàrr san lìog is iad a' suidhe aig a' bhonn san t-Samhain.

Image copyright SNS
Image caption Bha connspaid gu leòr sa gheama eadar County is Celtic air a' mhìos seo - ach cuideachd puing luachmhor dha na Staggies.

Tha iad air togail orra bhon uairsin, ach chan eil iad fhathast sàbhailte.

Tha cùisean nas miosa buileach air taobh eile Drochaid Cheasaig.

Dh'fhàg Iain Hughes Inbhir Nis aig deireadh an t-seusain an-uiridh is an càirdeas eadar Yogi is an club air a dhol bhuaithe.

Chaidh Richie Foran nà aite le cùmhnant fada ga thoirt dha, is gun cus fhianais thuige seo gur e co-dhùnadh glic a bha sin bhon bhòrd.

Thòisich ICT iad fhèin gu slaodach san lìog, is cleas Chounty chaidh an nàireachadh le Alloa ann an Cupa na Lìge.

Bha boillsgeadh dòchais no dhà 'son Foran bhon uairsin - duais mhanaidsear na mìos san t-Sultain is buaidh an aghaidh Rangers sa Ghearran - ach chan eil an sgioba aige air togail orra sin.

Thèid iad a-steach dhan gheama mhòr ann an Inbhir Pheofharain Dihaoine aig bonn na Prìomh Lìge, 5 puingean air cùl Dhùn Dè, is 8 air cùl Chounty.

Tha ICT a' ruith a-mach à cothroman ma tha iad 'son teicheadh às an staing anns a bheil iad.

Bidh cuideachadh ann 'son Foran sa gheama seo, is Inbhir Nis air Maurice Malpas a thoirt air ais dhan club 'son stiùir a thoirt dhan mhanaidsear òg aca.

Image copyright SNS
Image caption Thug tadhal Billy MhicAoidh an aghaidh Rangers dòchas dha ICT, ach cha do bhuannaich iad bhon uairsin.

Bha Malpas roimhe ag obair còmhla ri Terry Butcher ann an Inbhir Nis.

Thuirt Foran gur e a thaghadh fhèin a bha seo.

"Bha am bòrd airson is gun toirinn cuideigin a-steach le eòlas. Bheachdaich mi air, is thagh mi Maurice,", thuirt Foran.

"B' e fear dìon a bh' ann is chaill sinn cus thadhail, tha mi an dòchas gun cuir Maurice sin ceart.

"S aithne dhomh Maurice is faodaidh tu earbsa a chur ann. Tha e an seo son ar cuideachadh is bha sinn feumach air cuideachadh", thuirt e.

'S e a' cheist an e seo an t-atharrachadh a bha ICT feumach air, is a bheil an cuideachadh air tighinn ro anmoch.

Shuas ann an Inbhir Pheofharain tha Jim Mac an t-Saoir ag ràdh gu bheil e airson is gum fuirich Inbhir Nis sa Phrìomh Lìog, is gu bheil e math dha na sgiobaidhean ri chèile a bhith còmhla aig an ìre as àirde.

'S e trì puingean dhan sgioba fhèin a phrìomh amas, ge-tà,

"Tha mi an dòchas gum buannaich sinne Dihaoine, is gun tog Caley Thistle an uairsin na puingean a tha a dhìth orra", thuirt Mac an t-Saoir.

"Tha e cudromach dìreach gun cluich sinn an geama againn fhìn is nach smaoinich sinn mun chòrr.

"Ma chluicheas sinn mar as urrainn dhaibh, faodaidh sinn a' chùis a dhèanamh air sgioba sam bith", thuirt e.

Am faigh Mac an t-Saoir a thoil no an e seo an dearbaidh Gàidhealach mu dheireadh sa Phrìomh Lìog 'son treis? Bidh freagairt na ceist nas soilleire aig deireadh na h-oidhche Dihaoine.