Ofcom 'son seirbheis fòn a neartachadh

  • 27 An Giblean 2017
Fòn

Tha riaghladair a' chonaltraidh, Ofcom, a' coimhead air cead a thoirt do dhaoine uidheamachd shònraichte a chleachdadh gus an t-seirbheis fòn-làimhe aca a neartachadh.

Bhiodh seo a' buntainn a-mhàin ri sgìrean far nach eil an t-seirbheis fòn-làimhe an-dràsta ach truagh.

Tha Ofcom a' meòrachadh air cead a thoirt do dhaoine san t-suidheachadh sin uidheamachd "repeater station" a chleachdadh.

'S e teicneòlas a tha seo airson seirbheis nas làidire a thoirt do dhaoine taobh a-staigh thogalaichean no chàraichean.

An-dràsta cha ghabh a cleachdadh ach ma thèid a chur air dòigh le companaidhean an lìonra fhèin.

Tha dragh air a bhith ann gum faodadh an teicneòlas buaidh a thoirt air loidhnichean a tha na seirbheisean èiginn is eile a chur gu feum.

Thuirt Ofcom, ge-tà, gu bheil iad ag aithneachadh gur dòcha gur e dòigh a th' ann air an t-seirbheis fòn ann an cuid de sgìrean a leasachadh.

Faodar beachd a thoirt seachad mun chùis air làrach Ofcom.

Thig a' cho-chomhairle gu ceann air an 6mh là den Òg-Mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile